Chan eil sinn a’ gabhail ris a’ chòrr shaor-thoilich ach faodaidh tu fhathast ionnsachadh mu Viking Genes agus na bha aig daoine a ghabh pàirt ann ri dhèanamh. Tha sinn a’ toirt cuireadh do dhaoine a dhol an sàs ann am Viking Genes. ’S e sgrùdadh a th’ ann a tha a' coimhead air gintinneachd agus slàinte dhaoine aig a bheil co-dhiù 2 sheann-phàrant às na h-Eileanan an Iar, Arcaibh no Sealtainn. Tha sinn ag amas air tuigse nas fheàrr fhaighinn air dè a dh’fhaodadh tinneasan adhbharachadh leithid tinneas cridhe, tinneas sùla, stròc, tinneas an t-siùcair agus eile. Thoir fa-near: Chan e deuchainn Ancestry DNA a tha seo Ma roghnaicheas tu pàirt a ghabhail ann thèid iarraidh ort do chead a thoirt seachad, ceisteachan a lìonadh agus sampall den t-seile agad a thoirt seachad. Ma tha thu ag iarraidh ceistean sònraichte fhaighneachd faodaidh tu tadhal air na Ceistean Cumanta againn: Ceistean Cumanta No ma tha thu ag iarraidh sealladh farsaing, faodaidh tu na duilleagan fiosrachaidh againn a leughadh: Document Duilleag fiosrachaidh do dhaoine a tha a’ gabhail pàirt (909.11 KB / PDF) Document Cur Air Ais Toraidhean Ginteil (329.3 KB / PDF) Faodaidh tu cuideachd sùil a thoirt air na seòrsaichean cheistean a bhios sinn a’ faighneachd le bhith a’ leughadh ar sampall ceisteachain gu h-ìosal: Document Ceisteachan Viking Genes (125.68 KB / DOCX) Ma tha ceist sam bith agad, faodaidh tu post-d a chur thugainn aig viking@ed.ac.uk. Thoir fa-near, ged a tha an duilleag seo agus an ceisteachan air an eadar-theangachadh don Ghàidhlig, nach eil Gàidhlig aig duine ann an sgioba Viking Genes. Gu h-ìosal tha tar-shealladh goirid air na tha an lùib an sgrùdaidh ma roghnaicheas tu clàradh: Image This article was published on 2024-01-25